Residency Sharing

2 Màrt 2022, 13:00  — 14:00
Online Event
Làthaireachd shaor an-asgaidh

Join live ↗

Ann an 2021 chuir an neach-ealain lèirsinneach Gàidhlig, Màiri NicllÌosa, seachad ùine air mhuinntireas le Tobar an Dualchais. Anns an ùine sin, rannsaich i clàraidhean à sgìre Ùige ann an Leòdhas agus rinn i obair cruinneachadh i fhèin. A bharrachd air sin, chuir i eòlas air an àrainneachd timcheall airson ceanglaichean ùra a thogail leis a’ choimhearsnachd ionadail sin.

Mar phàirt dhen mhuinntireas, chruthaich i pìos ealain stèidhichte air sgeulachd mu phìobaire à Ùige. Bheir an òraid seo dhuibh sealladh air mar as urrainn do luchd-ealain a dhol an-sàs le coimhearsnachdan Gàidhlig ann an dòigh a tha freagarrach agus aire dhaoine a thogail air seann sgeulachdan às na sgìrean againn fhèin.