Mar deidhinn

Bidh ATLAS Arts a’ cur phròiseactan ealain air dòigh san Eilean Sgitheanach, Ratharsair agus Loch Aillse.

Bidh sinn ag obair le luchd-ealain ionadail agus muinntir an àite ann an còmhraidhean a tha freumhaichte san àite san linn seo, tro phrògram de phròiseactan fad-ùineach, sgrìnidhean, muinntireis, tràthan bìdh, bùithtean-obrach, agus cèileachaidhean.

Bidh sinn ag obair le ealain ann an diofar dhòighean – bho thionalan nas lugha is nas sàmhaiche, gu cuirmean agus taisbeanaidhean nas motha. Is toil leinn leabhraichean, foillseachadh, film is biadh, agus a bhith a’ lorg dhòighean ùra thighinn còmhla gus cruthachadh agus bruidhinn. Bheir sinn aire do bhrìgh sòisealta, poilitigeach agus eadar-nàiseanta nan còmhraidh sin agus togail choimhearsnachdan.

Tha sinn a’ cuir ri ar stòras de zines, sìol, leabhraichean, uidheamachd son iasad, agus tha stiùidio againn airson leabhraichean a chlò-bhualadh is a cuibhreachadh. Tha e cudromach dhuinn gum faighear innealan agus eòlas.

Tha sinn a’ sìor-ionnsachadh, agus s e ar miann buidheann a thogail còmhla a bhios ag amas air eòlas a sgaoileadh, agus ann an saoghal a nithear nas fheàrr agus nas beartaich tro ealain.

Is toil leinn bruidhinn: mar sin thig a chèilidh, cuir post‑d, no tog am fòn agus cuir fios thugainn gus còmhradh a thòiseachadh.