Poileasaidean

Chithear na deasachaidhean as ùire de Sgrìobhainnean Poileasaidh ATLAS Arts an seo. Cumaidh sinn oirnn ag ùrachadh nan sgrìobhainnean sin mar a dh’ionnsaicheas agus a leasaicheas sinn cleachdaidhean nas fheàrr nar n‑obair. Ma tha beachdan sam bith agad air gin de na poileasaidhean no na dòighean-obrach againn bhiodh e math na beachdan a chluinntinn.

Strategic Plan 2023-2028 - English Only ↗ Co-ionannachd & Iomadachd Poileasaidh Aithris Ionmhais is Teachd-a-steach ↗ Poileasaidh Àrainneachd ATLAS Fair Work Policy and Assessment 2025 - English only ATLAS Child Protection Policy - English only ↗ Whistleblowing Policy Dignity at Work and Anti-Harassment policy

Chaidh an làrach-lìn dà-chànanach seo a chur air bhog ann an 2021. S dòcha gun aithnich sibh nach eil a h‑uile sìon againn a ghabhas leughadh an dà chuid ann an Gàidhlig is ann am Beurla. Stèidhichte ann an 2010, tha tasg-lann mòr de phròiseactan, theacsaichean, agus de thachartasan aig ATLAS Arts, agus tha mòran dhiubh eadar-theangaichte air an làrach ùr againn. Bidh tricead theacsaichean agus susbaint ùr sa Ghàidhlig a’ sìor-dhol am meud air sàilleibh tòiseachadh phròiseactan ùra agus leasachadh an làraich-lìn.

Plana Gàidhlig

An Iomairt Phalastinianach gus Boycott Acadaimigeach is Cultarach a dhèanamh air Israel

Tha ATLAS Arts a’ cur taic ri PACBI, An Iomairt Phalastinianach gus Boycott Acadaimigeach is Cultarach a dhèanamh air Israel

Mu dheidhinn PACBI

Thòisich an Iomairt Phalastinianach gus Boycott Acadaimigeach is Cultarach a dhèanamh air Israel (PACBI) ann an 2004 gus taic a thoirt dha Strì nam Palastinianach airson saorsa, ceartas agus co-ionannachd. Tha an iomairt a’ moladh do dhaoine boycott a dhèanamh air ionadan is buidhnean acadaimigeach is cultarach Israeil air sàillibh mar a tha iad air a bhith gu mòr agus gu tric a’ cur taic ris an iomairt aig Israel gus còraichean nam Palastinianach a chur an dàrna taobh, còraichean a tha stèidhichte fo laghan eadar-nàiseanta. Tha PACBI am measg nam ball a stèidhich Comataidh Nàiseanta BDS Phalistin agus tha e an urra riutha stiùireadh a thoirt do mar a thèid am boycott acadaimigeach is cultarach a chur an sàs mar phàirt de BDS.’

Faodaidh na gnìomhan a nì ar roinn còmhla buaidh mhòr a thoirt air an obair gus co-iomairt aonaichte a stèidheachadh an aghaidh sgrios-cinnidh mar thaic do Phalistin. Faodaidh sibh clàradh an seo gu bheil sibh a’ cur taic ri PACBI. Ar taing do Luchd-obrach Ealain airson Phalistin Alba airson an taice eagrachaidh is an cuid taice le goireasan.