Stiùbhardachd sìl

S e Stiùbhardachd Sìl sreath leantainneach de thachartasan glèidheil sìl agus sgeulachdan, sgrìonaichean film agus foillseachaidh a tha ag amas air uachdranas sìl agus tèarainteachd bidhe eadar-nàiseanta. A’ sgaoileadh beairteis eòlais agus eachdraidh ionadail co-cheangailte ri biadh agus còraichean fearainn air an Eilean Sgitheanach, bidh am prògram a’ toirt còmhla luchd-ealain agus luchd-eagrachaidh gus dlùth-chàirdeas a thogail le daoine a tha gan coinneachadh le buaidhean brùideil neo-thèarainteachd bìdh agus mòr-thubaistean àrainneachd air feadh an t‑saoghail. Lorgar tachartasan tasglann, sgeulachdan agus goireasan co-cheangailte ris a’ phrògram an seo.

S e Stiùbhardachd Sìl na lìonra cuideachd de leabharlannan sìl pàirt-ùine agus stèidhichte san Eilean Sgitheanach agus Loch Abar. Ann an 2020, nochd ceithir deug bogsaichean leabharlann sìl, a cuir fiachaidh do dhaoine sìol agus sgeulachdan mun toradh foghair aca a sgaoileadh tro ghrunn bhogsaichean a rinneadh gu sònraichte san Eilean Sgitheanach, Ratharsair agus Loch Aillse, a’ tasgadh sìl ann an cèisean a rinneadh a dh’aon gnothaich gus an cur gu luchd-àiteachais ionadail eile. Nochdaidh na bogsaichean agus na leabharlannan sin bho àm gu àm tron bhliadhna. Ma tha ùidh agad ann a bogsa leabharlann sìl a stèidheachadh, no ma thathas airson sgeulachd a sgaoileadh, cuir fios thugainn.