Leabharlann Zine an Eilein Sgitheanaich

Tha leabharlann Zine an Eilein na phròiseact coitcheann zine a sgaoileas zines agus mion-fhoillseachaidhean tro bhogsaichean leabharlainn san Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse.

Sgaoilidh an leabharlann guthan, saoghail, beachdan agus seallaidhean eile – a’ tional sgeulachdan, sgilean, eòlais agus gnìomhan muinntir an àite, agus gus eòlas às an Eilein Sgitheanaich, Loch Aillse agus àiteachan eile a chruinneachadh agus òrdachadh. Tha Leabharlann Zine an Eilein Sgitheanaich ag amas air fiosrachadh a sgaoileadh gu sgiobalta agus gu neo-eisimeileach san eilean – a’ ceangal agus ag òrdachadh beachdan dhaoine fa-leth, luchd-cruinneachaidh agus luchd-iomairt san sgìre againn. Tha leabhraichean agus zines annta cuideachd le luchd-ealain à àiteachan eile son iasad agus leughadh.

Dè a th’ ann an zine?

S iad Zines foillseachaidhean neo-mhalairteach, neo-eisimeileach a nì duine sam bith. Gu tric a’ cleachdadh dòighean DIY, tòisichidh mòran zines le cruth làmh-dhèanta den dèanar lethbhreacan agus a sgaoilear gu càch.

Mar a chuirear ris an leabharlann:

Sgaoil do zine le chuir ann am fear de na bogsaichean zine. Anns na bogsaichean leabharlann zine gheibhear pàipear agus goireasan cruthachail eile. Nuair a thathas deiseil, nithear lethbhreacan agus sgaoilear na zines air feadh an eilein – mar leabharlann eileanach coitcheann.

Thoir sùil air a’ mhapa agus air an liosta gus faighinn a‑mach càite a bheil am bogsa leabharlainn as fhaisge ort.

Is iad làraich Leabharlann Zine an Eilein Sgitheanaich:

Talla Coimhearsnachd Stafainn, Talla Coimhearsnachd Ùig, Ealain ATLAS, Ionad Tasglann Phort Rìgh, Talla Coimhearsnachd Minginis, Stad Bus Uachdar Thìre, An Crùbh, Stòr Armadal, Stòr Ghleann Dail, Bogsa Beannachaidh a Chaoil, Talla Coimhearsnachd an Aodainn Bhàin

Àiteachan Leabharlann Zine





 

ATLAS Arts

làr ìseal
An Talla Cruinneachaidh an Eilein Sgitheanaich
Port Rìgh
An t-Eilean Sgitheanach
IV51 9BZ

Sealladh ann an Google Maps


 

 

Taigh Mòr Ratharsair

Sealladh ann an Google Maps


 

Tasglann an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Sealladh ann an Google Maps


 

 

Glendale Stores

Sealladh ann an Google Maps


 

Talla Sgìre Mhinginis

Sealladh ann an Google Maps


 

 

Uig Community Hall

Sealladh ann an Google Maps


 

Auchtertyre Bus Stop

Sealladh ann an Google Maps


 

Kyle Blessing Box

Sealladh ann an Google Maps


 

Edinbane Community Hall

Sealladh ann an Google Maps