Aithris Dìomhaireachd

Tha ATLAS Arts a’ toirt feart do prìobhaideachd

Port Rìgh, An t‑Eilean Sgitheanach IV51 0AF
admin@atlasarts.org.uk


Tha sinn clàraichte mar Charthannas, àireamh clàraidh: SC043393

Tuigidh sinn gu bheil am fiosrachadh pearsanta agus prìobhaideachd agad cudromach dhuibh. Nì sinn gach oidhirp a bhith cinnteach gu bheil am fiosrachadh a thathas a’ tort dhuinn ga chlàradh gu ceart, air a chumail tèarainte agus air a chleachdadh a‑rèir do mhiannan. Bidh sinn a’ dìon ur cuid fiosrachaidh phearsanta agus a’ cumail ris an reachdas achd dìon dàta a thaobh dìon prìobhaideachd. Cha bhith sinn a’ toirt seachad, a’ reic no a’ malairt ar dàta liosta puist le buidhnean air an taobh a‑muigh. Cumaidh sinn ri Achd Dìon Dàta 1998, Riaghailtean Prìobhaideachd agus Conaltradh Dealanach (PECR) agus na Riaghailtean Dìon Dàta Coitcheann ùr (GDPR) 2018.

Cumaidh ATLAS Arts dàta pearsanta a bheirear seachad gu saor-thoileach an lùib tiocaidean a chuir air leth, a ceannach no a tadhal, a’ gabhail ballrachd no tro fhoirm tabhartais, ag iarraidh cuairt-litir no a’ freagairt rannsachadh-beachd luchd-tadhail. Faodaidh fiosrachadh pearsanta a chruinnicheas sinn a bhith a’ gabhail a‑steach:

  • ainm slàn agus thiotal, ceann-latha breith

  • seòladh puist, còd-puist, seòladh puist‑d agus àireamh fòn

  • ealain a tharraingeas ùidh.

  • Cruinnichidh sinn agus cumaidh sinn fiosrachadh mu cheangal sam bith a tha agad rinn mar neach-ceannach tiogaidean, neach-tadhail, tabhartaiche no neach-taic do ATLAS Arts, agus faodaidh sinn fiosrachadh a thoirt a‑steach mu:

  • ceannach thiogaidean agus tadhal

  • inbhe ballrachd agus tabhartaiche, fiosrachadh pàighidh far a bheil sin iomchaidh • rudan a ceannaichear

  • roghainnean conaltradh

  • fiosrachadh tiodhlac, a toirt a‑steach mion-fhiosrachadh pàighidh far a bheil sin iomchaidh

  • Inbhe cobhair tiodhlac

  • fiosrachadh mu litrichean a chuireadh thugad, no a fhuaireadh bhuat

  • Fiosrachadh sam bith eile a thug thu fhèin seachad air iarrtas ATLAS Arts gus pàigheadh a chuir troimhe

Nuair a dh’iarras sinn fiosrachadh pearsanta leigidh sinn fios carson a tha sinn ga iarraidh, agus mar a chleachdas sinn an dàta, le bhith toirt stiùireadh a dh’ionnsaigh an fhios seo.


A rèir dàimh neach ri ATLAS Arts, agus na roghainnean a chomharraichear, faodar dàta a thathas a’ cleachdadh a chleachdadh gus fiosrachadh sanasachd, margaidheachd, ballrachd no togail-airgid a chuir tron phost, fòn no post‑d. Faodaidh na seòrsaichean conaltraidh a bhith a’ toirt a‑steach:

  • A’ sgaoileadh fiosrachaidh mu bhathar, seirbheisean no tachartasan co-cheangailte ri ATLAS Arts, leithid taisbeanaidhean, filmichean, tachartasan no rudan rin ceannach.

  • Naidheachdan agus ùrachaidhean mu ATLAS Arts agus margaidheachd no puist‑d luchd-taic.

  • Fiosrachadh mu ar n‑obair tional-airgid, a’ gabhail a‑steach iarrtasan chomharraichte bho àm gu àm gus beachdachadh air taic a thoirt dhuinn ann an grunn dhòighean.

  • Conaltradh buntainneach eile stèidhichte air an dàimh ri ATLAS Arts.


Tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheileas a’ cumail fiosrachaidh phearsanta ceart agus ùraichte. Faodar iarraidh oirnn fiosrachadh a thathas a’ smaoineachadh a tha mearachdach a cheartachadh no a thoirt air falbh. Ma thathas airson còraichean a chleachdadh, a tha air an liostadh gu h‑ìosal sgrìobh thugainn aig admin@atlasarts.org.uk

  • Cothrom air an fhiosrachadh phearsanta agad

  • Gearan an aghaidh d fhiosrachadh pearsanta a ghiullachd

  • Gearan an aghaidh co-dhùnaidhean agus fiosrachadh a làimhseachadh gu fèin-ghluasadach

  • Cuingealachadh air giullachd fiosrachaidh phearsanta

  • Gluasad dàta phearsanta

  • Ceartachadh air fiosrachadh phearsanta

  • Cur às do fiosrachadh phearsanta


Ma nithear iarrtas a bhuineas do ghin de na còraichean a tha air an liostadh gu h‑àrd, beachdaichidh sinn air gach iarrtas a rèir Riaghailtean Coitcheann Dìon Dàta. Chan iarrar cìs rianachd airson beachdachadh agus /​no gèilleadh ri iarrtas mar sin agus bheirear freagairt seachad taobh a‑staigh 30 latha. Nuair a dhearbhair cò thu, bheir sinn thugad am fiosrachadh a leanas:

ciamar a dheasaichear fiosrachadh pearsanta:

  • Adhbharan airson cruinneachadh, giullachd, cleachdadh agus stòradh dàta phearsanta

  • Co às a fhuaras fiosrachadh pearsanta, mura thàinig e bhuat fhèin

  • Na seòrsaichean dàta phearsanta a chumar mad dheidhinn

  • Cò iad no na seòrsaichean luchd-faighinn dan cuireadh dàta pearsanta, no a dh’fhaodadh a bhith air fhaighinn, còmhla ri càite a bheil iad

  • Dè cho fada is a tha dùil a chumar an dàta pearsanta agad

  • Cleachdadh co-dhùnaidhean fèin-ghluasadach agus/​no rannsachadh fiosrachaidh sam bith.

Faodar an t‑iarrtas gu h‑àrd a dhèanamh le post‑d no sgrìobhadh gu: admin@atlasarts.org.uk ATLAS Arts, Port Rìgh, An t‑Eilean Sgitheanach, IV51 0AF

  1. Tèarainteachd
    Chan eil sgaoileadh fiosrachaidh tron eadar-lìn no post‑d gu tur tèarainte. Ged a nì sinn ar dìcheall an dàta pearsanta agad a dhìon, chan urrainn gealltainn gum bi tèarainteachd dàta ann fhad s a chuirear e don làrach againn; buinidh cunnart an lùib gluasad dàta dhut fhèin. Aon uair s gu bheil sinn air an dàta pearsanta agad fhaighinn, cleachdaidh sinn modhan tèarainteachd gus feuchainn ri casg a chuir air ruigsinneachd gun chead. Bithear a’ giullachd, a’ foillseachadh no a’ sgaoileadh nan dàta pearsanta agad dìreach ma dh’fheumas sin a dhèanamh a rèir an lagh no le deagh rùn a‑rèir feum air a leithid gus gèilleadh ri riatanasan laghail no pròiseas laghail a tha air a fhrithealadh oirnn no air an Làrach-lìn.
  2. Ceanglaichean treas pàrtaidh
    Is dòcha gum faicear ceanglaichean gu treas phàrtaidhean (me buidhnean cruthachail taobh a‑muigh agus solaraichean) air an Làrach-lìn againn. Bu chòir na poileasaidhean prìobhaideachd aca fhèin a bhith aig na làraich-lìn sin, a bu chòir an sgrùdadh. Cha ghabh sinn uallach no dleastanas sam bith airson nam poileasaidhean aca idir oir chan eil smachd againn orra. Nuair a chleachdas sinn làraich-lìn taobh a‑muigh air an toirt seachad le buidhnean eile leithid Twitter, YouTube no Facebook, mholaidh sinn sùil a thoirt air na poileasaidhean prìobhaideachd aca.
  3. Google Analytics
    Nuair a bhios cuideigin a’ tadhal air atlas arts​.org​.uk, cleachdaidh sinn Google Analytics gus dàta staitistigeil a chruinneachadh agus mion-fhiosrachadh mu phàtranan luchd-tadhail a bhios ag innse dhuinn dè na pàirtean den làrach-lìn againn a chleachdas luchd-tadhail mar as trice. Chan eil am fiosrachadh seo a’ cleachdadh, no feumach air cleachdadh, fiosrachadh pearsanta agus thathas ga ghiullachd ann an dòigh nach comharraich daoine fa leth. Cha dèan sinn oidhirp sam bith faighinn a‑mach cò na daoine a thadhalas air an làrach-lìn againn.
  4. Liosta puist
    Cleachdaidh sinn an solaraiche treas-phàrtaidh Mailchimp gus ar cuairt-litir a lìbhrigeadh. Cleachdaidh sinn am bathar-bog Mailchimp gus cuideachadh le bhith a’ tional fiosrachadh mu ìrean fosglaidh agus cliogan air ceanglaichean, a chuidicheas sinn le bhith a’ cumail sùil air agus a’ leasachadh ar comasan conaltraidh. Faodaidh daoine sguir a dh’fhaighinn cuairt-litrichean aig àm sam bith le bhith a’ briogadh air a’ cheangal air gach cuairt-litir. Chìthear brath prìobhaideachd Mailchimp an seo.
  5. Tiogaidean air-loidhne
    Cleachdar am fiosrachadh a bheir thu seachad nuair a cheannaichear tiogaidean air-loidhne mar as trice gus na cheannaich thu is na h‑àitichean agad aig tachartasan a dhìon agus gus fiosrachadh a chumail riut mu thachartasan san àm ri teachd. Thoir fa-near ma ghlèidheas tu tiocaidean air-loidhne gu bheil an dàta agad air a pròiseasadh le Eventbrite aig a bheil am poileasaidh prìobhaideachd fhèin.


Faodar gearan a chuir a‑steach gu Oifis nan Coimiseanairean Fiosrachaidh (ICO) ma thathas den bheachd gun deach an dàta agad a pròiseasadh ann an dòigh nach eil a‑rèir dìon dàta. Faodar sin a dhèanamh air loidhne-cuideachaidh ICO air 0303 123 1113 no tron làrach-lìn aca.

Chaidh am fios prìobhaideachd seo ùrachadh mu dheireadh: Cèitean 2021