Eachdraidh

Stèidhichte as t‑samhradh 2010, dh’èirich ATLAS Arts à sreath de dheasbadan poblach, a chaidh a chumail airson dòighean-taice ùra a bheachdachadh a thaobh prògramadh nan ealainean lèirsinneach san Eilean Sgitheanach is ann an Loch Abar.

Às dèidh dùnadh an Ionaid-ealain, An Tuireann, agus airson taic a thoirt don cholaiste Ghàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, ri sgrùdachadh mar a b’ urrainn dhi a bhith an sàs sna h‑ealainean lèirsinneach, thàinig an eacarsaich rannsachaidh seo (air a choimiseanadh le HI~Arts tro Chomhairle Ealain na h‑Alba) gu crìch san t‑Sultain 2009. Aig coinneimh phoblaich ann an Talla an Àth Leathainn, chaidh aonta a ruigsinn ri moladh a chuireadh sgioba ùr air bhonn, aig am biodh dleastanas airson pròiseactan ealain air feadh an Eilein Sgitheanaich agus Loch Abar a leasachadh.

S e Emma NicNeacail (a’ chiad stiùiriche againn; a tha na Ceannard Thaisbeanaidhean aig an Gàrraidhean Luibh-eòlais Rìoghail ann an Dùn Èideann an-dràsta) còmhla ri Rosie Somerville (Co-òrdanaiche a’ Phròiseict), Suzy Lee (Manaidsear na h‑Oifis), agus Shona Chamshron (Riochdaire) a dh’àitich ar freumhan agus a chuir sinn air bhonn air feadh a’ chiad deicheid againn. Tha sinn cuideachd an comain Avril Souter (Rianaire), Gayle Meikle (Glèidheadair a’ Phròiseict), Alexandra Ross (Oileanach Glèidheadaireachd), Becca Clarke (Oileanach-leasachaidh), Catriona Hood (Rannsaiche Didseatach), còmhla ri Aoife Carolan, Camilla Crosta, Finn Croy, Grace Morton, Talitha White, agus Sara Oussaiden (Inntearnaich).

Thar nam bliadhnaichean, tha ATLAS air taic fhaighinn bho Bhòrd-stiùiridh: an t‑Ollamh Tormod MacGilliosa (Cathraiche, 2010 – 2020), agus Sorcha Dallas, Rebecca Waterstone, John White, Steven Haddow, Anna Jobson, Sophie Morrish, Sue Pirnie, Catrìona Nic a’ Phì, Donald Hyslop, Freya Rowe, agus Jenny Brownrigg (Cathraiche an Gnìomh ùr) cuideachd.