Cuairt-chrotail

Barrachd: 17 Ògmhios 2021

Achadh na Cloiche, IV46 8SB


An-asgaidh ach le tiogaid

Thigibh an cuideachd an luibh-eòlaiche Nick Hodgetts air cuairt-chrotail aig Achadh na Cloiche. Bidh sibh a’ sgrùdadh a’ chrotail dhùthchasaich air feadh na coille is a’ chladaich, agus a’ bruidhinn mu dhèidhinn co-mhairsinneachd agus beò-eòlas nan seòrsachan crotail. Bheir seo cuireadh dhuinn ri meòrachadh air na ceanglaichean eadar-seòrsach a th’ againn fhèin. Thoiribh leibh ur ceistean do Nick! Bithear a’ solar lionsaichesn-làimhe son sùil nas dlùithe fhaighinn air a’ chrotal.

S e luibh-eòlaiche ionadail a th’ ann an Nick Hodgetts, agus tha speisealachadh aige ann an còinnich, cuisle-aibheach, agus corra chrotal. Às deidh dha ceuman fhaighinn aig Oilthighean Lunnainn agus Reading, bha e ag obair ann an urrasan fiadh-bheatha ionadail agus buidhnean glèidhteachais don riaghaltas mus do thòisich e na chomhairliche fèin-fhastaichte ann an 2001. Dh’imrich e don Eilean Sgitheanach às dèidh làimhe, far a bheil na còinnich, cuisle-aibheach, agus na crotail cho iongantach. Bhon uairsin, tha e air cur ri grunn shuirbhidhean air pròiseactan glèidhteachais agus leasachaidhean leithid sgeamaichean beag-sgèile dealan-uisgeach. Tha ùidhean nas fharsainge aig Nick ann an ceòl, litreachas, àitichean fiadhaich, agus an dàimh eadar saidheans agus creideamh. Ach, bidh e a’ cur seachad a’ chuid as motha den ùine shaor aige leis a theaghlaich còmhla ri a bhean Gill, an cuid cloinne is oghaichean, agus a’ feuchainn ri fàs a thoirt air glasraich.

An-asgaidh, àitichean cuibhrichte, gach aois, gun pheataichean, feumar àite a ghlèidheadh

Ghleidheadh

17mh den Ògmhios, 11m ↗ 17mh den Ògmhios, 2f ↗ 17mh den Ògmhios, 5f ↗

Fiosrachadh ruigsinneachd

Cuiribh aodach a-rèir na h-aimsir oirbh agus thoiribh dìon meanbh-chuileag leibh. Tòisichaidh a' chuairt air cladach Achadh na Cloiche, letheach slighe a-null air cuartalan an rathaid A851 eadar an t-Òrd is Tarsgabhaig, an seo. Bidh a' chuairt a' tachairt air cladach neo-chòmhnard a bhios sleamhnach uaireannan agus air monadh faoin. Cuiribh cas-bheirt fhreagarrach is aodach a-rèir na h-aimsir oirbh agus thoiribh dìon mheanbh-chuileagan leibh.

Pàirceadh: Tha beagan àite ann do phàirceadh air a' mhachair agus air uachdar garbh an rathaid aig toiseach na cuairte. Bidh ball den sgioba againn an làthair ri ur stiùireadh. Mas e comasach agus sàbhailte ri a dhèanamh, saoil an cleachd sibh càr còmhla ri muinntir an aon taighe, no dh'fhaodadh sibh coiseachd ma bhios sibh a' fuireach faisg air làimh.

Fiosrachadh coitcheann

Bidh fòn-làimhe, neach ciad-chobhair, pasgan ciad-chobhair, uisge, agus plaideachan rim faighinn sa h-uile àite. Iarraibh air ball den sgioba ma dh'fheumas sibh rudeigin no ma bhios sibh a' faireachdainn gu bochd aig àm sam bith.

Tha Lùb Ion-ductaidh Sho-ghiùlan ri faighinn aig a h-uile tachartas. Leigibh fios do neach-obrach aig an tachartas ma thogras sibh inneal-sgaoilidh neo-fhollaiseach don inneal-claistinn agaibh. Tha a dhà rim faighinn.

Ma ghabhas rudeigin a dhèanamh a chuidicheadh sibh a bhith an làthair aig an tachartas seo, cuiribh fios gu admin@atlasarts.org.uk ron tachartas/òraid.

Cha bhi àitichean lìonmhor idir aig na tachartasan seo air sgàth COVID-19. Bu mhath leinn iarraidh oirbh innse dhuinn a bheil thu air tiogaid a ghlèidheadh ach nach urrainn dhuibh a bhith an làthair nas motha gus leigeil le cuideigin eile tighinn nur n-àite.

Fios COVID-19: Air feadh nan tachartasan seo, bu mhath leinn iarraidh air a h-uile duine astar de 2m a chumail eadar iad fhèin agus muinntir thaighean eile. Thoiribh còmhdach-aghaidh leat airson 's gum bi sibh a-staigh. Bidh ATLAS a' solar stuth-slàinteachaidh làimhe agus bidh sinn a' cumail gu dlùth ri riaghailtean COVID mu thachartasan bho Riaghaltas na h-Alba.

Ma tha ceist agaibh no iomagain co-cheangailte ri cuingealachaidhean COVID-19, cuiribh post-d gu admin@atlasarts.org.uk