Dè ionnsaicheas sinn mu ghaol bho chrotal?

Ògmhios 2021

Cuairtean Treòraichte agus Tachartas Aoigheachd

Air a chur air dòigh ann an co-obrachadh le riochdairean ionadail Lucy Cooke, Richy Carey, agus Nick Hodgetts

Amannan is àitichean eadar-dhealacihte air feadh an Eilein Sgitheanaich

Ann an Dè dh’ionnsaicheas sinn mu ghaol bho chrotal?”, bidh Isabel Lewis a’ togail air rannsachadh agus còmhraidhean ri co-oibrichean ionadail, gus sreath de chuairtean treòraichte air feadh an Eilein Sgitheanaich a stiùireadh – aig Achadh na Cloiche, Sgoirebreac, agus aig a’ Choille Ìosal, Am Bràighe. Air an treòrachadh aig riochdairean ionadail – solaraiche bìdh-allaidh, sgrìobhadair-ciùil, agus eòlaiche crotail, bidh na cuairtean seo a’ fighe aithris cuairtich ri chèile mu na ceanglaichean eadar seòrsachan agus mar a ghabhas tuigse a ghleusadh ri eag-eòlas. Thèid a h‑uile tighinn còmhla aig tachartas aoigheachd ann an Talla a’ Bhràighe Disathairne 19mh den Ògmhios.

Bidh Dè dh’ionnsaicheas sinn mu ghaol bho chrotal?” gar gleusadh tro fhuaim, òran, làimhseachadh, agus bhlas do chruthan nas ciallaiche ri fàs eòlach air a’ chruth-tìre agus air a’ cho-chomann a bhios ann eadar seòrsachan – tro bhlas, fhàileadh, òran, fhuaim – agus smaoineachadh le crotal.

Tha sibh di-bheathte ri bhith an làthair aig na trì no aig gin de na cuairtean. Gheibh thu leabhar de sgòran a chaidh dealbhachadh gu sònraichte aig Isabel is na stiùirichean-coiseachd. Na bhroinn, bidh meòmhrachaidhean, còmhraidhean eadar na co-obraichean, agus stiùireadh mu bhlasadh, sheinn agus cho-luadar a dhèanamh leis an chruth-tìre. Bidh cuireadh agaibh ri tighinn gu fear de na tachartasan aoigheachd deireannach ann an Talla a’ Bhràighe Disathairne 19mh den Ògmhios.

Gu tric, bidh obair Isabel Lewis ga stèidheachadh air ceòl, stiùireadh-dannsa, is biadh, le fòcas air tionnalaidhean, tachartasan, agus àitichean a chruthachadh far am bi e comasach don eòlas a chumas sinn nar corp ri fàs nas fhollaisiche dhuinn. Air feadh leud a cuid obrach, s ann air dòighean nuadha na tuigse, an t‑seòrsachaidh, agus mar a bhios sinn sòisealta a tha a h‑ùidh. Bidh a h‑obair a’ toirt cuireadh dhuinn ri beachdachadh às ùr le eòlas bothaigeil air luchd-còmhnaidh an t‑saoghail ann an dòighean co-aimsireil. S e ath-chailbhreachadh a tha seo air mar a nì sinn dàimh no dealachadh.

Tha na cuairtean treòraichte agus na tachartasan aoigheachd a’ toirt cuireadh dhuinn ri Ionnsachadh bho Chrotal’ agus bho na cruthan eadar-eisimeileach co-mhairsinneach iolra a th’ orra. Tha cuireadh agaibh ri dhol an sàs ann an gin de thrì cuairtean fa-leth (air an liostadh gu h‑ìosal) agus greis shònraichte a ghlèidheadh aig fear de na Tachartasan Disathairne. Thig thu còmhla ris na trì treòraichean coiseachd agus an sgioba ATLAS gus an t‑eòlas, na sgeulachdan, agus an gleusadh a rinn sibh thairis air cuairtean nan làithean roimhe a thoirt ri chèile ann an cruinneachadh deireannach de dh’fhuaimean, bhlasan, sheinn, agus dheasbaireachd.

Thoiribh an aire nach lìonmhor a bhios àitichean air sgàth cuingealachaidhean COVID-19. Bidh ATLAS agus Art Night a’ cumail gu dlùth ri stiùireadh làithreach air COVID bho Riaghaltas na h‑Alba mu thachartasan air a’ bhlàr a‑muigh agus bhuidhnean coiseachd.

Tha am pròiseact Art Night 2021 aig Isabel Lewis air a riochdachadh fo stiùireadh Helen Nisbet, Stiùiriche Art Night, agus s e co-choimisean a th’ ann bho ATLAS Arts is le taic bhon Ghoethe-Institut. Chaidh Dè dh’ionnsaicheas sinn mu ghaol bho chrotal? a thoirt gu buil ann an co-obrachadh le riochdairean ionadail Lucy Cooke, Richy Carey, Nick Hodgetts agus an Riochdaire Shona Camshron. Dèanta le taic bho Challie’s ann am Berlin.

Gabhaidh fios air a’ phrògraim shlàin aig Art Night fhaicinn air an làrach-lìn aca.