Tachartas

Barrachd: 19 Ògmhios 2021

Talla a' Bhràighe, IV51 9LJ


An-asgaidh ach le tiogaid

Glèidhibh sibhse is daoine eile an uair a chruinnicheas sibh agus gluasaibh ri chèile tro sgòr a chaidh a sgrìobhadh agus ullachadh aig Isabel Lewis s aig na co-oibrichean aice, Richy Carey, Lucy Cooke, agus Nick Hodgetts. Tha trì uairean ann, aig meadhan-latha, 3f, is 6f. Bithibh deiseil ri dol ann le ur bodhaig air fad, tro eacarsaichean treòraichte a bhios air an stiùireadh aig na riochdairean ionadail fa-leth, a bheir brosnachadh oirbh ri gluasad tron àite.

Thathas a’ toirt an t‑ionnsachadh is an gaol eadar sheòrsachan gu buil le fuaim bogaidh, seinn, agus tràth bìdh-allaidh, air a shuidheachadh ann an Talla a’ Bhràighe.

Àitichean cuibhrichte an-asgaidh. Bidh glèidheadh riatanach

Ghleidheadh

19mh den Ògmhios, meadhan-latha ↗ 19mh den Ògmhios, 3f ↗ 19mh den Ògmhios, 6f ↗

Fiosrachadh Ruigsinneachd

Àite: Tha an talla aig Ollach Uarach, sia mìle air an rathad B883 mu dheas air Port Rìgh. An seo air a' mhapa.

Làrach-lìn Talla a' Bhràighe. Bidh gnìomhachd a' tachairt air a' bhlàr a-muigh mun cuairt air air an talla. Is dualtach gum bi an talamh sleamhnach, fliuch, agus neo-chòmhnard air uairibh - cuiribh cas-bheart agus aodach oirbh a dh'fhreagras don aimsir! Thoiribh dìon mheanbh-chuileagan leibh. Bidh greisean-suidhe agus greisean-seasaimh ann air feadh an tachartais. 'S e plaideachan air an talamh, no cathraichean le plaideachan don fheadhainn a thogradh iad, a bhios sna suidheachain. Bidh beagan cùl-cheòl agus fuaim ann.

Pàirceadh: Tha pàirceadh ann air beulaibh an talla. Bidh ball den sgioba againn an làthair son ur stiùireadh.

Taighean-beaga: Tha ruigsinneachd le rampa a-steach don talla, far a bheil na taighean-beaga, ach tha na goireasan fhèin tro dhoras cumhang (50cm). Tha na taighean-beaga ruigsinneach as fhaisge ann am Port Rìgh.

Fiosrachadh coitcheann

Bidh fòn-làimhe, neach ciad-chobhair, pasgan ciad-chobhair, uisge, agus plaideachan rim faighinn sa h-uile àite. Iarraibh air ball den sgioba ma dh'fheumas sibh rudeigin no ma bhios sibh a' faireachdainn gu bochd aig àm sam bith.

Tha Lùb Ion-ductaidh Sho-ghiùlan ri faighinn aig a h-uile tachartas. Leigibh fios do neach-obrach aig an tachartas ma thogras sibh inneal-sgaoilidh neo-fhollaiseach don inneal-claistinn agaibh. Tha a dhà rim faighinn.

Ma ghabhas rudeigin a dhèanamh a chuidicheadh sibh a bhith an làthair aig an tachartas seo, cuiribh fios gu admin@atlasarts.org.uk ron tachartas/òraid.

Cha bhi àitichean lìonmhor idir aig na tachartasan seo air sgàth COVID-19. Bu mhath leinn iarraidh oirbh innse dhuinn a bheil thu air tiogaid a ghlèidheadh ach nach urrainn dhuibh a bhith an làthair nas motha gus leigeil le cuideigin eile tighinn nur n-àite.

Fios COVID-19: Air feadh nan tachartasan seo, bu mhath leinn iarraidh air a h-uile duine astar de 2m a chumail eadar iad fhèin agus muinntir thaighean eile. Thoiribh còmhdach-aghaidh leat airson 's gum bi sibh a-staigh. Bidh ATLAS a' solar stuth-slàinteachaidh làimhe agus bidh sinn a' cumail gu dlùth ri riaghailtean COVID mu thachartasan bho Riaghaltas na h-Alba.

Bidh gach ball den luchd-èisteachd na shuidhe le plaide dha fhèin aig an Tachartas. Gabhaidh plaideachan a cho-roinn eadar clann agus an luchd-dìon. Ma tha ceist agaibh no iomagain co-cheangailte ri cuingealachaidhean COVID-19, cuiribh post-d gu admin@atlasarts.org.uk.