Bòrd nan Eisir

Dealbh le Nick Middleton

Suidhichte air an tràigh/​seal-mara air an t‑Slignich, tha CLIMAVORE: Bòrd Eisir nan Tràigh a’ coimhead ri buaidh dian-thuathanas-bradan agus ag obair le atharraichean nan cladach mu Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach. Gach latha nuair a bhios làn ann, bidh an stàladh na bhòrd eisir ioma-bheathach fon uisge, le maoraich/​dà-shligich agus feamainn /​duileasg. Nuair a bhios tràigh ann, nochdaidh e os cionn na mara agus bidh e na bhòrd-bìdh dha mac-an-duine.

Obraichear Bòrd nan Eisir do Earrannan Ealain is Còcaireachd ATLAS còmhla ri còcairean ionadail, muinntir an àite, luchd-poilitigs agus luchd-rannsachaidh. Eadar bracaist, lòn is dìnnear (a rèir nan tràigh), bidh sreath de chothroman ithe gu taisbeanail ann le stuthan-bìdh CLIMAVORE. Sgrùdaidh prògram Bòrd nan Eisir mar a ghlèidhear an t‑àite seo agus na h‑uisgeachan mun cuairt, agus sinn a’ cruinneachadh gus am prògram poblach is foghlaim a leudachadh.

Tha feamainn agus maoraich deatamach a thaobh glanaidh gus àrainneachd làidir fallainn nan tràigh a chaomhnadh. Eisirean, creachannan, claban-dubha, muirsgeanan no feusgain; agus ceilp, lìoran, no duileasg, bidh iad uile a glanadh an uisge le bhith a’ tarraing anail. Faodaidh aon fheusgan suas ri 25 liotair uisge a shìoladh gach latha, agus aon eisir suas ri 120 liotair. Le chèile bheir iad dhuinn stòras iongantach de phròtain ruigsinneach gun fheum air uisgeachadh, ìocshlaint cheimigeach no todhar. Tha na maorach agus feamainn sin cumanta ann an uisgeachan na h‑Alba agus tha Gàidheil air a bhith gan ith bhon chionn linntean.

Bidh am pròiseact CLIMAVORE a co-obrachadh le taighean-bìdh ionadail san Eilean Sgitheanach agus Ratharsair a sguireas a chleachdadh bradan nan tuathanas-èisg agus a bheir a‑steach biadh CLIMAVORE. Le feamainn agus maoraich, nithear ceangal eadar daoine is biadh nan tràigh a chuir gu feum: a’ cuir ri cùram son cor nan uisgeachan.