Film screening: Iorram

9 Dàmhair 2021, 19:30  — 22:00

ATLAS ann an ìoslach Talla Cruinneachaidh an Eilein Sgitheanaich, Port Rìgh IV45 9BZ


An-asgaidh ach le tiogaid

BOOK HERE ↗

A’ chiad film aithriseachd gu tur ann an Gàidhlig, tha Iorram na dhealbh liriceach air Innse Gall, an-diugh agus an-dè. Tha an Stiùiriche, Alastair Cole, a’ toirt an luchd-amhairc air turas-bogaidh a‑steach do chridhe coimhearsnachd a tha air maireadh 1,000 bliadhna, a’ measgachadh clàran fuaim tasglainn de ghuthan bhon t‑àm a dh’fhalbh le iomhaighean de bheatha nan eilean san latha an-diugh agus ceòl ùr air a chruthachadh leis an neach-ciùil cliùiteach, Aidan O’Rourke.

Aig cridhe an fhilm tha stòras iongantach de thasglann fuaim, air a chlàradh le luchd-eitneòlais adhartach Albannach ann am meadhan an 20mh linn, a thadhal air na h‑Eileanan an Iar airson glacadh cruadal agus romansachd beatha air a chur seachad ann an cothromachadh cugallach leis a’ mhuir.

Tha na clàraidhean seo a’ glèidheadh beul-aithris de dh’uirsgeulan, ràbhairtean agus cùisean-mulaid a thàinig sìos tro ghinealaichean de luchd-labhairt Gàidhlig.

An cois an traca-fuaime seo de ghuthan, sgeulachdan agus òrain bho na làithean a dh’fhalbh, tha ìomhaighean dhrùidhteach de ruitheam obrach làitheil nan eilean, air muir is tìr, air am filmeadh thairis air na trì bliadhna mu dheireadh.

Tha na cruadalan an cois a bhith ag iasgach agus a’ cutadh anns gach sìde agus ràithe beo taobh-ri-taobh le geasalanachd, seallaidhean de mhaighdinnean-mara, sìthichean agus eileanan à sealladh.

Tha a’ chiad sgòr-film le Aidan O’Rourke (bhon chòmhlan Lau a tha air iomadh duais a choisinn) a’ fighe fuaim agus ìomhaigh ri chèile ann an cunntas faireachail agus lèirsinneach air saothair, gàire agus call. Bha a’ mhuir a‑riamh a’ beathachadh a’ choimhearsnachd seo, ged a bha a’ chumachd aice cuideachd beatha nan teaghlach a bha an urra rithe a chreachadh.

Tha am film a’ tabhainn cagairean agus faileasan de dhaoine agus de thachartasan duilich a ghabh àite o chionn fhada, cuimhneachain a tha fhathast a’ toirt buaidh air beatha nan eilean. Aig àm nuair a tha Alba agus an RA a’ coimhead ri àm ùr, tha seo mar chuimhneachan gu bheil snàithleanan eachdraidh agus fèin-aithne aig fìor oir Bhreatainn air am fighe, dha-rìribh, ann an cumhachd liriceadh a’ chànain Ghàidhlig.

Ma ghabhas rudeigin a dhèanamh a chuidicheadh sibh a bhith an làthair aig an tachartas seo, no ma tha molaidhean sam bith agaibh a thaobh ruigsinneachd, cuiribh fios gu admin@atlasarts.org.uk

Oifis ATLAS, Port Rìgh Stiùireadh ruigsinneachd