Muinntireas Tasglann Tobar An Dualchais

ha Nàdar Fhèin aig Gach Nì a Dhealbhadh, animation still, Catherine Weir, 2020

Thòisich an neach-ealain taisbeanail Catherine Weir a muinntireas didseatach le Tobar an Dualchais agus ATLAS san Iuchar 2020, ag obair le Stiùiriche ATLAS Ainslie air cùrsa trì-latha aig Sabhal Mòr Ostaig gus ionnsachadh mun chruinneachadh aig Tobar an Dualchais. An lùib a’ chùrsa bha òraidean agus bùthan-obrach leis an sgoilear beul-aithris agus daon-eòlaiche Mairi NicPhaidein, an tè-eadar-theangachaidh Gàidhlig agus cairt-iùlaiche Raghnaid Sandilands agus Àrd-òraidiche Sabhal Mòr Ostaig Dòmhnall Uilleam Stiùbhart.

Tha Catherine na neach-ealain taisbeanail agus neach-ciùil ann an Fallope & The Tubes: còmhlan punc feimineach. S iad Fallope & The Tubes oidhirp ann an taic chèile agus fèin-mhìneachadh gun bhacadh: rud a lìonas Catherine le lùths gu bhith an sàs ann an cleachdaidhean nas sàmhaich mar dealbhan, sgrìobhadh agus, bho chionn ghoirid, beò-dhealbhadh. Tha na dealbhan agus na dealbhan-beò aice lèirsinneach, dorch ach èibhinn, agus s e a tha air cùlaibh cha mhòr a h‑uile càil beachdan làidir feimineach is àrainneachd, ga beò-ghlacadh le aithris pearsanta fa leth.


Boireannach ann an riochd eon a’ toirt ionnsaigh air boireannach ann an riochd eon (Woman in the form of a bird attacks a woman in the form of a bird)
Nighean Mì-Fhortanach (Unfortunate Girl)
Tamhasg (ghost)


S e Tobar an Dualchais an cruinneachadh air-loidhne as motha ann an Alba de chlàraidhean fuaim, le suas ri 50,000 clàr de dh’òrain, ceòl, eachdraidh, bàrdachd, beul-aithris agus sgeulachdan a chruinnichear air feadh na h‑Alba a’ tòiseachadh sna 1930an.

Bidh Catherine a’ sgaoileadh naidheachdan air Instagram Tobar an Dualchais s a’ mhìos a tha romhainn, ag amas air foillseachadh phoblach an rannsachaidh aice san t‑Sultain.

Tha am muinntireas seo mar phàirt de phrògram ATLAS Arts Plural Futures.

Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich Beautiful affinity between women and the landscape’