TOBAR AN DUALCHAIS RESIDENCY 2022

Tha sinn air leth toilichte gum bi an neach-ealain Gàidhlig, Calum Fearghasdan, ag obair na Neach-ealain air Mhuinntireas aig Tobar an Dualchais agus ATLAS Arts.

Tha Calum à Uibhist a Tuath agus tha an nàdar, eag-eòlas agus cultar na Gàidhlig a tha ga chuartachadh an sin air buaidh mhòr a thoirt air an obair aige. S e neach-ealain lèirsinneach a th’ ann agus bidh e a’ cleachdadh iomadh meadhan, leithid peantadh, film, ealain chuartachaidh, agus obair mheatailt s obair fhiodha.

Tha obair rannsachaidh aig teis-meadhan dòigh-obrach Chaluim agus tha e a’ cur fàilte mhòr air a’ chothrom a bhith a’ cur seachad mòran ùine a’ rannsachadh làrach-lìn TAD mar phàirt dhen Mhuinntireas.

Thug Calum a‑mach ceum ann an Dealbhadh Riochdachaidh bho Sgoil Ealain Ghlaschu ann an 2021. Anns an taisbeanadh ceuma aige, Athurachadh’, bha Calum a’ toirt sùil air na dùbhlain a tha ron òigridh agus ro dhaoine a tha air ùr-thighinn gu croitearachd. Bha seo a’ gabhail a‑staigh buaidh Chovid air suidheachadh a bha duilich mar-thà do dhaoine òga air sàillibh staing an taigheadais agus a’ bhuaidh a th’ aig atharrachadh na gnàth-shìde air na h‑eileanan.

Visit Tobar an Dualchais ↗