Coiseachd Seinn Èisteachd

Barrachd: 16 — 18 Ògmhios 2021

A' Choille Ìosal, Am Bràighe, IV51 9QH


An-asgaidh ach le tiogaid

Cha chluinn sinn ach le fuaimean; cluinnidh sinn tro fhuaimean. Tha fuaim mar chiùbhran; òran glòmach leantainneach anns am bi sinn nar pàirt ach nar dealachadh dheth. Tha tòrr dhòighean ann a dh’èisteachd ri fuaimean, agus bidh gach tè a’ fosgladh dhòighean eadar-dhealaichte ri cluinntinn an t‑saoghail, oir s e èisteachd is freagairt a th’ ann an èisteachd. Tha an èisteachd co-mhairsinneach, mar chrotal.

Bidh an sgrìobhadair-ciùil Richy Carey a’ treòrachadh sreath de chuairtean èistidh is seinn. Gabhaibh pàirt tro shreath de sgòran stiùiridh a chur an gnìomh – sgrìobhaidhean leth-òcaideach goirid air an èisteachd, as urrainn do dhuine sam bith dèanamh. Bidh sinn a’ tomhas an t‑saoghail mun cuairt oirnn le ar guthan, agus ag èisteachd ris a’ mhac-talla a thilleas thugainn. Coisichidh sinn suas sa Choille Ìosal, cuairt thulganach ghoirid ann an coille. Tòisichidh sinn aig Talla a’ Bhràighe agus crìochnaichaidh sinn aig mullach a’ chnuic, far am bi sealladh a‑mach air Beinn Tìonabhaig agus an Linne Ratharsair.

Bidh àrc nan eacarsaichean seinn is èisteachd a’ toirt mhac-talla às na cruthan-tìre anns am bi sinn a’ coiseachd. Bidh sinne a’ stad air an t‑slighe ri pìosan de dh’ealain a chur an gnìomh a chaidh cruthchadh aig sgrìobhadairean-ciùil a chleachdas sgòran airson daoine a tharraing còmhla agus aire a thoirt air a chèile, agus air an t‑saoghal mun cuairt orra, tro fhuaim.

S e sgrìobhaiche-ciùil a th’ ann an Richy Carey agus bidh e a’ fuireach san Eilean Sgitheanach. Bidh e ag obair còmhla ri luchd-ealain agus ri coimhearsnachdan gus an cruthaich iad fuaim-luirg agus fuaimean-tìre – a’ dèanamh fhuaimean ri chèile a nì rannsachadh air eag-eòlasan ùghdarrais, dèanadachd, agus co-fhaireachdainn, tro èisteachd agus fhuaimneachadh còmhla. S e neach-ealain air mhuinntireas UNESCO City of Music 2018 a bh’ ann. Fhuair e duais Tàlant Ùr BAFTA, agus tha e a’ cur crìoch air PhD air fuaim fhiolmaichean aig Oilthigh Ghlaschu.

An-asgaidh, àitichean cuibhrichte, gach aois, feumar àite a ghlèidheadh

Ghleidheadh

16mh den Ògmhios, 6f ↗ 17mh den Ògmhios, 4f ↗ 18mh den Ògmhios, 2f ↗

Fiorsrachadh Ruigsinneachd

Cuiribh aodach a-rèir na h-aimsir oirbh agus thoiribh dìon mheanbh-chuileagan leibh. Chan ann ach ri àrd-ghaoth a bhios cuairtean an cur dheth. Bidh corra leathad cas air a' chuairt ann, agus nì sinn còrr-bhealaichean far a' cheuma a dh'àitichean às an cuir sinn na sgòran an gnìomh. Tha a' Choille Ìosal air a comharrachadh mar ìre 1 de 5 air Walk Highlands.

Fiosrachadh coitcheann

Bidh fòn-làimhe, neach ciad-chobhair, pasgan ciad-chobhair, uisge, agus plaideachan rim faighinn sa h-uile àite. Iarraibh air ball den sgioba ma dh'fheumas sibh rudeigin no ma bhios sibh a' faireachdainn gu bochd aig àm sam bith.

Tha Lùb Ion-ductaidh Sho-ghiùlan ri faighinn aig a h-uile tachartas. Leigibh fios do neach-obrach aig an tachartas ma thogras sibh inneal-sgaoilidh neo-fhollaiseach don inneal-claistinn agaibh. Tha a dhà rim faighinn.

Ma ghabhas rudeigin a dhèanamh a chuidicheadh sibh a bhith an làthair aig an tachartas seo, cuiribh fios gu admin@atlasarts.org.uk ron tachartas/òraid.

Cha bhi àitichean lìonmhor idir aig na tachartasan seo air sgàth COVID-19. Bu mhath leinn iarraidh oirbh innse dhuinn a bheil thu air tiogaid a ghlèidheadh ach nach urrainn dhuibh a bhith an làthair nas motha gus leigeil le cuideigin eile tighinn nur n-àite.

Fios COVID-19: Air feadh nan tachartasan seo, bu mhath leinn iarraidh air a h-uile duine astar de 2m a chumail eadar iad fhèin agus muinntir thaighean eile. Thoiribh còmhdach-aghaidh leat airson 's gum bi sibh a-staigh. Bidh ATLAS a' solar stuth-slàinteachaidh làimhe agus bidh sinn a' cumail gu dlùth ri riaghailtean COVID mu thachartasan bho Riaghaltas na h-Alba.

Ma tha ceist agaibh no iomagain co-cheangailte ri cuingealachaidhean COVID-19, cuiribh post-d gu admin@atlasarts.org.uk