Leabhar Còcaireachd: Tofu Duilisg Cruasbach Theàrlaich

Tofu Duilisg Cruasbach

Ag obair còmhla ris an sgioba ATLAS, chruthaich Teàrlaidh an reasabaidh seo airson tofu duilisg cruasbaich agus rìs. Fìor mhath mar thoiseach dìnneir no greim-bìdh blasta.

Tofu Duilisg Cruasbach

Biadh dha: 4

Stuthan-bìdh

  • 1 phìos de tofu cruaidh
  • 1 ugh
  • 50 g de chriomagan arain Panko
  • 25 g de shìol sesame
  • 10 g de duilisg tioram
  • Salann
  • Mìn-flùr mar chòmhdach
  • Ola glasraich airson bruich
  • 300 g de ris Originario
  • 390 ml de dh'uisge
  • Sabhs soy
  • Ola sesame
  • 1 teileach
  • 1 siobaid
  • 1 piobar-tiolaidh dearg
  • Duilleagan Coriander

Modh

  1. Nigh an rìs ann an sioltaig fo ghoc fuar gus am bi an t-uisge a’ ruith glan. Cuir an rìs agus 390ml de dh ’uisge ann am sgeileid agus goil e. Cho luath ‘s a tha a’ goil cuir sìos an teas agus bruich airson 15-20 mionaid, dèan cinnteach gu bheil an ceann air an sgeileid. Thoir air falbh an teas agus tog an ceann bhon sgeileid is leig leis an rìs bruich ann am smùid airson 10-15 mionaid eile mus bi e deiseil airson ithe.
  2. Fhad ‘s a tha an rìs a’ bruich faodaidh tu tòiseachadh air an tofu cruasbach ullachadh. Ann an 3 bobhlaichean cruinnich na stuthan-bìdh agad dhan taois. Aon bhobhla dhan mhìn-flùr, an dàrna bhobhla dhan ugh mheasgaichte agad agus an treas bobhla le measgachadh de panko, sìol sesame agus duilisg. Geàrr an tofu ann an ciùban mu 1 òirleach a' mheud. Is dòcha gum feuma an tofu a thiormachadh ann am pàipear cidsin an toiseach, thoir sùil air a ’phacaid airson fios. Dust an tofu ann am flùr, còta san ugh mus cuir thu a-steach am measgachadh panko bread, sìol sesame agus duileasg. Bruich air teas meadhanach àrd ann am praidh pan neo-steagach, ga thionndadh gu faiceallach gus am bi e donn air gach taobh.
  3. Airson an dreasadh, geàrr siobaid agus piobar-tiolaidh dearg ann am pìosan mìn. Measgaich le beagan ola sesame, sabhs soy agus sùgh leth teile. Cuir làn spàin de rìs, agus 3 pìosan tofu còmhla ris air an truinnsear. Dòirt an dreasadh air a' bhiadh agus crìochnaich le beagan dhuilleagan coriander agus criomagan a bharrachd de duileasg airson dath.