Leabhar còcaireachd

Tha am prògram preantasachd CLIMAVORE againn – com-pàirteachas de thaighean-bìdh, luchd-giollachd bìdh is dibhe san eilean, agus Àrd-sgoil Phort Rìgh – a’ leantainn le atharrachaidhean an cois COVID-19.

A’ leantainn air adhart mar chothrom pàighte do dhaoine òga, anns na mìosan a dh’ fhalbh, tha sinn air a bhith ag obair air pròiseact ùr cruthachadh reasabaidh CLIMAVORE le còignear oileanach à Àrd-sgoil Phort Rìgh.

A’ cleachdadh na ionnsaich sinn bho bhùthan-obrach ann an cùrsa Aoigheachd agus Còcaireachd Practaigeach Àrd-sgoil Port Rìgh, le taic bho thaighean-bìdh com-pàirteach CLIMAVORE, agus an eòlas ionadail fhèin, tha na còig preantasan a’ cruthachadh reasabaidhean a dh’fhoillsichear ann an leabhar còcaireachd ùr CLIMAVORE.

A’ coinneachadh air bhidio gach seachdain, tha na preantasan air a bhith a’ beachdachadh air tuathanas-èisg seasmhach, stuthan-bìdh CLIMAVORE, lorgachadh agus na reasabaidhean deuchainn aca.

Recipe Book

For a comprehensive look at the fantastic CLIMAVORE: On Tidal Zones Recipe Book, you can view it online here (opens in a new tab) where it is also available for download.