Cairtean-cluiche Dualchas Croitearachd

S e cairtean-cluiche Dualchas Croitearachd | Cultural Crofting Playing Cards na choimisean Ealain ATLAS le Sharon Quigley agus Andy Fielding.

Tha Cairtean-cluiche Dualchas Croitearachd’ a’ leudachadh air pròiseact a thòisich ATLAS ann an 2014. Dh’obraich iad an co-bhonn ri ionad-latha Craigard ann an Uibhist a Tuath agus Quigley air pròiseact fo ainm Beatha air an Talamh airson rannsachadh a dhèanamh air dualchas àraid agus cultar croitearachd. A‑mach às a’ phròiseact thàinig seata àraid de chairtean taisbeanaidh Gàidhlig air croitearachd a tha a’ taisbeanadh sgilean na buidhne agus sgilean coimhearsnachd croitearachd san fharsaingeachd, air am fighe còmhla le samhlaidhean, inneach agus pàtrain a’ riochdachadh mar a tha croitearachd, cultar agus cruth-tìre air an ceangal ri chèile.

Ann an 2016 thug ATLAS coimisean do Quigley agus Fielding na cairtean a dhèanamh mar phaca de chairtean-cluiche a bhiodh na ghoireas spòrsail, feumail ann am foghlam Gàidhlig agus cuideachd airson aire a tharraing gu croitearachd. Tha sinn an dùil na cairtean a sgaoileadh timcheall air bun-sgoiltean na sgìre.

Dh’obraich sinn cuideachd còmhla ri sgoilearan agus tidsearan Gàidhlig Bun-sgoil Phort Rìgh airson dealbhan ùra a chruthachadh, agus cuid de chreutairean uirsgeulach nam measg!

Thàinig am pròiseact seo gu buil le taic bho Bòrd na Gàidhlig.