Ragadawn (An t-Eilean Sgitheanach, 57.5º T) | Caroline Bergvall

Tha ATLAS air a bhith ag obair còmhla ri Caroline Bergvall bho 2016 air ‘Ragadawn’, taisbeanadh guthach bonntaichte air àm èirigh na grèine, a tha ga dhèanamh air a’ bhlàr a-muigh eadar beul na h-oidhche is beul an latha. ‘S e pìos ioma-mothachail a th’ ann airson dà ghuth (a’ bruidhinn agus a’ seinn), iomadh cànan agus triceadan dealanach a thèid còmhla ri agus a mholas beul gorm an latha ùir. Tha an obair a’ tarraing air dualchas ciùil is litreachais, sean is ùr, mu èirigh na grèine, a leithid bàrdachd ghaoil nam bàrd taistealach. Bithear cuideachd a’ cur eòlais air tìrean cànanach an Aonaidh Eòrpaich, gu h-àraid cànanan ann an cunnart, ach cuideachd an fheadhainn a tha a’ soirbheachadh. Chaidh a thaisbeanadh an toiseach ann an 2016 ann an àiteachan-cuirme làn aig La Bâtie-Festival de Genève anns an Eilbheis agus Estuary Festival ann an Southend ann an Sasainn. Choisinn e deagh mholaidhean ann an iomadh lèirmheas.

Ann an 2017, thòisich Bergvall air rannsachadh air na taobhan ioma-chànanach den obair chiùil. Mar thoradh air sin, chuir ATLAS Stèisean Cànain air dòigh aig Sabhal Mòr Ostaig agus an iomadh àite eile thar na Roinn Eòrpa. Bha Rhona Coogan, Decker Forrest, Rody Gorman agus Morag Henricksen am measg na bha an sàs ann.

Bidh Bergvall a’ taisbeanadh ‘Ragadawn’ aig Sabhal Mòr Ostaig air 25 An Lùnastal. Feumar tiocaidean a ghleidheadh ro làimh. Tha an tuilleadh fiosrachaidh air an duilleig tachartais againn.

Expand


ATLAS Arts has been working with Caroline Bergvall since 2016 on Ragadawn, a sunrise vocal performance to be performed outdoors from the last hours of night until the very early morning. A multisensory composition for two voices (spoken and sung), multiple languages and electronic frequencies to accompany and celebrate the rising of day. The work draws on ancient and contemporary musical and literary sunrise traditions, such as troubadour love poetry, while at the same time addressing the linguistic territories of the UK and European Union, specifically languages that are endangered or at risk, and those that are emerging. It was first performed in 2016 as sold-out performances at the Festival de la Batie (Geneva) and Estuary Festival (Southend) and garnered great reviews.

During 2017, Bergvall embarked on a period of research into the multi-linguist components of the work. As part of this, ATLAS Arts hosted a Language Station at Sabhal Mòr Ostaig, one of several happening across Europe. Those featured were, Rhona Coogan, Decker Forrest, Rody Gorman and Morag Henricksen.

On the 25th August, Bergvall will perform Ragadawn at Sabhal Mòr Ostaig. Booking is essential, please visit our event page for more information.

#ragadawnskye


Photograph by Thierry Bal, 2016