‘Tha P airson’

Dealbh-sgàilein le Emmie McLuskey, 2025.

Pàirt de dheasachadh sònraichte le 5 lethbhric, 680x495mm.

Faicibh gu h-ìosal airson mìneachadh air na roghainnean pàighidh agus mar a dh’fhaodas sibh tabhartas-taice do dhaoine eile a thoirt seachad.

Tha P airson… ’s e deasachadh sònraichte a th’ ann dèanta le clò-bhualadh sgàilein, a bha mar phàirt dhen phròiseact aig Emmie McLuskey, A-Z of Movement. Tha Emmie os cionn Sgoil nan Saoghal Ùra Iomarra aig ATLAS, agus tha i air deasachadh sònraichte a dhèanamh le àireamh bheag de lethbhric chlò-bhuailte a tha gan reic – agus tha an litir P (airson Palestine) air gach fear dhiubh. Tha Emmie air roghnachadh, leis an airgead a gheibh i bho bhith a’ reic an deasachaidh seo, taic a thoirt do Haven for Artists, buidheann chultarach, fheamainisteach a tha stèidhichte ann am Beirut, Lebanon, agus tha an obair aca a’ gabhail a-steach an dà chuid ealain agus iomairteachd. Thèid 50% dhen airgead a gheibhear bho bhith a’ reic seo a thoirt do Haven for Artists agus cleachdar an còrr dhen airgead gus taic a chumail ri deasachaidhean eile aig ATLAS san ùine air thoiseach.



Roghainnean pàighidh:
Tha sgeama pàighidh le trì ìrean againn airson an t-sreath ùir seo de dheasachaidhean: làn-phrìs le tabhartas-taice do dhaoine eile, làn-phrìs, agus prìs le lasachadh.

Prìs le lasachadh £35

Làn-phrìs £75

Làn-phrìs le tabhartas-taice do dhaoine eile £100

Tha an tabhartas-taice do dhaoine eile a’ cur taic ris a’ phrìs le lasachadh gus an urrainn do bharrachd dhaoine obair-ealain a cheannach. Tha àireamh chuibhrichte de lethbhric chlò-bhuailte rim faotainn aig prìs le lasachadh agus tha iad airson daoine aig nach eil cosnadh no aig a bheil teachd-a-steach ìosail agus nach urrainn an làn-phrìs a phàigheadh. Cuideachd, faodaidh sibh an tabhartas-taice agaibh fhèin a thoirt seachad.

Thèid 50% dhen airgead a gheibhear airson na h-ealain clò-bhuailte seo a thoirt do Haven for Artists, agus thèid 50% a chosg air deasachadh ùr le neach-ealain.

* Tha prògram nan deasachaidhean aig ATLAS Arts a’ cuideachadh le bhith a’ co-phàirteachadh obair-ealain aig prìs reusanta, agus le bhith a’ cruthachadh phròiseactan ùra a nì luchd-ealain tro ATLAS. Uaireannan cleachdar an t-airgead a nithear bho bhith a’ reic dheasachaidhean gus taic a chur ri buidhnean cultarach is àrainneachd eile. Leis an deasachadh seo tha sinn air roghnachadh taic a thoirt do Haven for Artists, buidheann le amasan a tha a’ co-fhreagairt air na h-amasan carthannach aig ATLAS Arts: a’ cur air adhart nan ealain, dualchas, agus cultar; foghlam; agus saoranachd.