Anesu agus na Creutairean Uisge

Anesu agus na Creutairean Uisge, le Tawana Maramba agus Ann NicLeòid, leabhar, 2025

Leabhar cloinne ùr, foillsichte le ATLAS Arts, sgrìobhte le Tawana Maramba agus tha dealbhan eireachdail ann le Ann NicLeòid. Tha Anesu, a tha air tighinn còmhla ri a teaghlach à Zimbabwe o chionn ghoirid a dh’fhuireach ann an Alba, a’ dol dhan sgoil airson a’ chiad latha aice. Tha an tidsear agus na sgoilearan eile ga brosnachadh gu bhith ag innse dhaibh mu a beatha ann an Zimbabwe, agus tha i ag innse dhaibh mu dheidhinn sin agus mu sgeulachd mu phealaidh leis an ainm Njuzu, agus tha sin uile a’ brosnachadh a’ chlas gu bhith ag innse sgeulachdan mu chreutairean mara agus gu bhith a’ neartachadh a’ chàirdeis a tha eatorra.

San leabhar tha obair-ealain a rinn clasaichean P1, 2 agus 3 ann am Bun-sgoil Taobh na Pàirce agus Buidheann BAME Dhùn Èideann airson FtG, ann an sreath de bhùithtean-obrach a chaidh a chumail mar ullachadh airson an leabhair.

Taing mhòr, mhòr do Cass Ezeji, an neach-deasachaidh, agus do Naomi Gessesse airson taic leis an deasachadh, agus do luchd-maoineachaidh Anesu: Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Leabhraichean, agus Alba Chruthachail.