Sgoil nan Teachd-shaoghalan Iomarra

Gearran 2021 — Sultain 2024

Thoisich Sgoil nan Teachd-shaoghalan Iomarra sa Ghearran 2021 agus ruithidh e tron bhliadhna. Còmhla ris an neach-ealain Emmie McLuskey, tha ochdnar chom-pàirtichean san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse a’ togail na sgoile eadar-dhealaichte seo gus bruidhinn mu fhìrinn agus cothroman beatha san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse.

Tha an sgoil ag obair tro chruinneachaidhean – na h‑àite airson smaoineachadh agus freagairtean dha na dùbhlain ionadail is eadar-nàiseanta a tha mu choinneimh dhaoine òga. Faighnichidh sinn ceistean agus ionnsaichidh sinn còmhla mu cheartas sòisealta, èiginn na gnàth-shìde agus dè tha e a’ ciallachadh a bhith a’ fuireach agus ag obair an seo an-diugh.