Am Pròiseact airson Sauna Coimhearsnachd
Samhain 2024 — Gearran 2025’S e a th’ anns a’ Phròiseact airson Sauna Coimhearsnachd pròiseact ealain air a stiùireadh le Calum MacCoinnich. Chaidh an sauna a thogail le Calum MacCoinnich agus Willie Threlfall sa gheamhradh 2024/25, le taic bho ATLAS Arts. Tha am pròiseact air àite-cruinneachaidh ùr a chruthachadh do dhaoine a tha a’ fuireach san Eilean Sgitheanach, Loch Aillse, Ratharsair agus Ros an Iar, agus tha e a’ cruthachadh àite airson chòmhraidhean; agus thathar a’ toirt cothrom do dhaoine a bhios ga chleachdadh meòrachadh air agus ceistean fhaighneachd mu dheidhinn nan coimhearsnachdan sa bheil iad a’ fuireach.
Fhuaras pàirt dhen airgead airson a’ phròiseict seo bhon mhaoin dìleib aig a’ Cho-chomann Chultair, agus b’ urrainnear am pròiseact a thoirt gu buil tro thabhartasan a bharrachd agus taic fhialaidh bho Russwood Timber agus Jewsons san Àth Leathann.