Ragadawn (An t-Eilean Sgitheanach, 57.5º T)

Faoilleach 2016 — Lùnastal 2018

Tha ATLAS air a bhith ag obair còmhla ri Caroline Bergvall bho 2016 air Ragadawn’, taisbeanadh guthach bonntaichte air àm èirigh na grèine, a tha ga dhèanamh air a’ bhlàr a‑muigh eadar beul na h‑oidhche is beul an latha. S e pìos ioma-mothachail a th’ ann airson dà ghuth (a’ bruidhinn agus a’ seinn), iomadh cànan agus triceadan dealanach a thèid còmhla ri agus a mholas beul gorm an latha ùir.

Tha an obair a’ tarraing air dualchas ciùil is litreachais, sean is ùr, mu èirigh na grèine, a leithid bàrdachd ghaoil nam bàrd taistealach. Bithear cuideachd a’ cur eòlais air tìrean cànanach an Aonaidh Eòrpaich, gu h‑àraid cànanan ann an cunnart, ach cuideachd an fheadhainn a tha a’ soirbheachadh. Chaidh a thaisbeanadh an toiseach ann an 2016 ann an àiteachan-cuirme làn aig La Bâtie-Festival de Genève anns an Eilbheis agus Estuary Festival ann an Southend ann an Sasainn. Choisinn e deagh mholaidhean ann an iomadh lèirmheas.

Ann an 2017, thòisich Bergvall air rannsachadh air na taobhan ioma-chànanach den obair chiùil. Mar thoradh air sin, chuir ATLAS Stèisean Cànain air dòigh aig Sabhal Mòr Ostaig agus an iomadh àite eile thar na Roinn Eòrpa. Bha Rhona Coogan, Decker Forrest, Rody Gorman agus Morag Henricksen am measg na bha an sàs ann.