Film coimhearsnachd Teachd-Shaoghalan Iomarra

Lùnastal 2020 — Sultain 2021

Tha ATLAS ag obair le Skye Climate Action air film coimhearsnachd fo stiùir Teachd-shaoghalan Iomarra a sheallas air eachdraidh agus ìomhaighean gnìomhachd, eilthireachd, beul-aithris, sgeulachdan, strì fearainn agus beairteas ìmpireachd san Eilean Sgitheanach. Tòisichear le cruinneachadh beul-aithris agus le sreath de thachartasan phoblach s a’ chiad mhìos na dhà, èistidh am film coimhearsnachd ùr seo ri na h‑eachdraidhean sin agus diofar sheallaidhean mun àm ri teachd air an eilean.

Às dèidh gairm fosgailte agus geàrr-liosta le stiùirichean bho Skye Climate Action, thagh sinn an neach-ealain Anndra MacGilleDhuibh gus taic a thoirt don film agus rannsachadh poblach.

Seallaidh na bhideothan adhartach aig Anndra gu tric air dòighean ionadail tighinn beò, agus dàimhean cuèir ri àite, cuimhne, agus an corp. Le bhith bruidhinn ri farsaingeachd dhaoine às an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse, togaidh am film dealbh de eachdraidh Eilein a’ Cheò agus na dh’fhaodadh sinn a thoirt leinn dhan àm ri teachd. Faodar fios a chuir thugainn ma thathas den bheachd gum faodar cuir ris an rannsachadh agus an obair. Pàighidh ATLAS cosgaisean agus tuarastail luchd-pàirteachaidh.

Nochdaidh am film as t‑Samhradh 2021 ann an sreath de thachartasan agus còmhraidhean a’ meòrachadh air an obair.