Cuairt na Bìdh-allaidh

Barrachd: 16 — 17 Ògmhios 2021

Sgoirebreac, Port Rìgh, IV51 9NW


An-asgaidh ach le tiogaid

Iùl bìdh-allaidh do neach-tòiseachaidh. Ionnsaichibh às an fhearann còmhla ri solaraiche bìdh-allaidh, an Wild Cooke, a dh’ullaicheas blasadan dhuibh air an t‑slighe. Bidh Lucy a’ treòrachadh cuairt air ceum cladach Sgoirebreac, fo stiùir an fheadhainn nan tràghadh s nan tuil, agus a’ crìochnachadh air oirthir a’ chladaich.

Am measg cuid de na lusan air a dh’fhaodamaid tachairt s sinne a’ coiseachd, bidh Anthriscus sylvestris (Costag-fhiadhain), Sambuca negris (Droman), Epilobium angustifolium (Eilig no Seileachan-Frangach), Geum urbanum (Machall-coille no Beineidin), Acetosa Rumex (Sealgag), Galium aparine (Garbh-lus no Seircean-suiribh no Luibh an Ladhair) agus lusan, craobhan agus feamainn eile a ghabhas an ithe.

Dh’ionnsaich Lucy solar na bìdh-allaidh air a ceann fhèin agus tha ùidh aice ann an dòigh s a dh’fhaodadh biadh-allaidh, àite, agus ruitheam an dàimh ris an àrainneachd ath-bheòthachadh. S ann an Àird nam Murchan a bhios i a’ fuireach, ach bidh i ag obair gu cunbhalach san Eilean Sgitheanach agus s toil leatha a bhith a’ rannsachadh an lònaich mìorbhailich nàdarra. Air sàilleibh a h‑eachdraidh de dh’obair ann an roinnean na coimhearsnachd is na bìdh is na h‑àrainneachd, s fìor-thoil leatha a bhith a’ cothlamadh a fiosrachadh agus a’ brosnachadh dhaoine eile fhad s a bhios i air an turas solarachaidh aice fhèin.

An-asgaidh, àitichean cuibhrichte, gach aois, gun pheataichean, feumar àite a ghleidheadh

Ghleidheadh

16mh den Ògmhios, 3f ↗ 17mh den Ògmhios, 11m ↗

Fiosrachadh ruigsinneachd

A-null à Port Rìgh, fàgaibh an A855 agus leanaibh Rathad Sgoirebreac 's an t-uisge air do làimh dheis gu ceann an rathaid an seo. Tòisichidh a' chuairt aig an raon-phàircidh an seo. Uaireannan, bidh a' chuairt a' fàgail a' cheuma neo-chòmhnaird, a dh'fhaodadh a bhith eabarach, gus an rannsaich sinn an cladach. Chan ann ach ri àrd-ghaoth a bhios cuairtean an cur dheth. Cuiribh cas-bheirt fhreagarrach is aodach a-rèir na h-aimsir oirbh. Thoiribh dìon mheanbh-chuileagan leibh cuideachd.

Fiosrachadh ruigsinneachd Skye For All air Sgoirebreac an seo.

Pàirceadh: Tha pàirceadh ann aig toiseach na cuairte. Bidh ball den sgioba againn an làthair son ur stiùireadh. Mas e comasach agus sàbhailte ri a dhèanamh, saoil an cleachd sibh càr còmhla ri muinntir an aon taighe, no dh'fhaodadh sibh coiseachd bho mheadhan Phort Rìgh.

Tha taighean-beaga poblach aig Grìn Phort Rìgh (turas de 5 mionaidean sa chàr). Tha taigh-beag do ciorramaich ann cuideachd don am bi feum agaibh air iuchair RADAR.

Fiosrachadh coitcheann

Bidh fòn-làimhe, neach ciad-chobhair, pasgan ciad-chobhair, uisge, agus plaideachan rim faighinn sa h-uile àite. Iarraibh air ball den sgioba ma dh'fheumas sibh rudeigin no ma bhios sibh a' faireachdainn gu bochd aig àm sam bith.

Tha Lùb Ion-ductaidh Sho-ghiùlan ri faighinn aig a h-uile tachartas. Leigibh fios do neach-obrach aig an tachartas ma thogras sibh inneal-sgaoilidh neo-fhollaiseach don inneal-claistinn agaibh. Tha a dhà rim faighinn.

Ma ghabhas rudeigin a dhèanamh a chuidicheadh sibh a bhith an làthair aig an tachartas seo, cuiribh fios gu admin@atlasarts.org.uk ron tachartas/òraid.

Cha bhi àitichean lìonmhor idir aig na tachartasan seo air sgàth COVID-19. Bu mhath leinn iarraidh oirbh innse dhuinn a bheil thu air tiogaid a ghlèidheadh ach nach urrainn dhuibh a bhith an làthair nas motha gus leigeil le cuideigin eile tighinn nur n-àite.

Fios COVID-19: Air feadh nan tachartasan seo, bu mhath leinn iarraidh air a h-uile duine astar de 2m a chumail eadar iad fhèin agus muinntir thaighean eile. Thoiribh còmhdach-aghaidh leat airson 's gum bi sibh a-staigh. Bidh ATLAS a' solar stuth-slàinteachaidh làimhe agus bidh sinn a' cumail gu dlùth ri riaghailtean COVID mu thachartasan bho Riaghaltas na h-Alba.

Ma tha ceist agaibh no iomagain co-cheangailte ri cuingealachaidhean COVID-19, cuiribh post-d gu admin@atlasarts.org.uk