Club Ealain Nowhere

Dealbh le Winifred Brook Young

Is e club ealain is dannsa a th ann an Club Ealain Nowhere air a stiùireadh le Molly Danter agus Sgitheanaich aois 14 – 17. Tha Molly na dannsair, neach-ealain agus sgeulaiche às an Aodainn Bhàin, tha i ag obair le ATLAS agus Seall am-bliadhna mar neach-ealain air muinntireas.

Bidh tachartasan Club Ealain Nowhere aig grunn àiteachan ann am Port Rìgh – a‑muigh, aig Bòrd nan Eisir anns an t‑Slignich, fo chanabhas, air cuairtean agus ann an tallaichean mòra – agus air-loidhne a‑rèir feuma. Tha e fosgailte do dhuine sam bith aois 14 – 17.

Seo cluba airson feuchainn agus ath-thòiseachadh. Cleachdamaid gluasad, sgrìobhadh, collage, cèilidhean, dealbhan agus dèanamh leabhraichean, ach cò-dhùnaidh thu fhèin dè a thathas son cruthachadh, a dèanamh agus a’ bruidhinn air. Chan fheum ùidh a bhith agad ann an ealain, dannsa no ceòl son a bhith sàs ann: seo àite airson cabadaich agus rudeigin cruthachail a dhèanamh còmhla.

Bidh Club Ealain Nowhere ann mar as trice Dimàirt às dèidh na sgoile, is corra-uair Disathairne rè saor-làithean na sgoile. Coinnichidh sinn air-loidhne air sgàth riaghailtean COVID agus gu pearsanta am Port Rìgh nuair a ghabhas sin a dhèanamh gu sàbhailte.

Mar a thig thu an sàs ann:

Tha ballrachd an-asgaidh agus a’ gabhail a‑steach pasgan gnìomh a thèid gu com-pàirtichean às dèidh clàraidh. Gus clàradh no tuilleadh fhaighinn a‑mach, cuir post‑d gu molly.thespace@gmail.com.

Cuiridh Molly pasgan fàilteachaidh le stuthan cruthachail, le leabhar-sgrìobhaidh agus camara so-chaitheamh.

Mu Mholly Danter:

Thòisich Molly Danter a’ dannsa le SkyeDance aig Àrd-sgoil Phort Rìgh, agus rinn i dannsa aig Sgoil Dannsa Co-aimsireil Lunnainn, le ùine aig Acadamaidh Dannsa Adhartach Salzburg. Às dèidh sin, bha i ag obair còmhla ri Teater Danns na h‑Alba an toiseach mar dannsair ri trèanadh agus an uairsin airson ùine ghoirid mar dannsair aoigh. Bhon uair sin tha i air a bhith ag obair mar dhannsair, neach-gnìomh agus neach-teagaisg neo-cheangailte am Breatainn san Roinn Eòrpa.

A bharrachd air dannsa, bidh Molly ag obair le teacsa agus film agus gu tric a’ co-obrachadh le luchd-ealain eile. Tha ùidh shònraichte aice san dàimh eadar pearsa is càch, agus tha àite mòr aig co-fhaireachdainn ann an ciamar a bhios i ri cruthachadh, stiùireadh agus coileanadh obair.