Oideachadh

CLIMAVORE: Educate: sreath de phrògraman ionnsachaidh a chuimsicheas air àrainneachdan nan tràigh mun Eilean Sgitheanach agus Ratharsair. Na lùib, tha sreath de chòmhraidhean agus bhùthan-obrach san eilean, co-obrachadh le luchd-giollachd bìdh is deoch: prògram preantasachd leantainneach agus pròiseact leabhraichean còcaireachd.

bùth-obrach: Taois Gheur Feamainn
bùth-obrach: Taois Gheur Feamainn

Preantasachdan CLIMAVORE:

A‑nis san dàrna bliadhna, chaidh am prògram Preantasachd CLIMAVORE a chuir air bhog a‑rithist san t‑Sultain 2019 le bùth-obrach aig Àrd-sgoil Phort Rìgh fo stiùir an dàibhear creachann ionadail Ben Oakes.

San Dàmhair 2019, sheall Calum Rothach bho taigh-bìdh Sgitheanach Scorrybreac, do dh oileanaich mar a dh’ullaichear agus a bheirear seachad eisirean amh le sùgh siotras agus eisirean bhruich le peirsill agus creamh le feamainn cruinnichte ionadail.

San Dùbhlachd 2019, rinn Mania Pietzak bho Skye Bakehouse madelines liomain is duilisg, agus seoclaid gun bhainne agus mousse shony le na h‑oileanaich. Dh’ullaich an còcaire Mìcheal Mac a’ Ghobhainn bho Thaigh-bìdh Loch Bay moules mariniere clasaigeach le feusgain-ròpa ionadail Sgitheanach.

San Fhaoilleach 2020, stiùir còcairean bho Tate Eats na h‑oileanaich ann am bùth-obrach gus risotto de chreachainn a ghlacadh le làimh agus de feamainn ullachadh.

bùth-obrach: Feusgain
bùth-obrach: Creachannan