Tha Laura air a bhith a’ lorg feamainn agus feusgain air a’ chladach faisg air a dachaigh. Le taic 1 – 1 bho Mhìcheal Mac a’ Ghobhainn – àrd-chòcaire aig Taigh-bìdh Loch Bay, chruthaich Laura na reasabaidhean aice fhèin airson aran-coirce feamainn agus bidh i ag ullachadh Moules Marinière clasaigeach na dòigh fhèin le feusgain ionadail.
Leabhar còcaireachd: Aran-coirce feamainn & Moules Marinière Laura
Aran-coirce feamainn
Biadh dha: 2
Stuthan-bìdh
- 59 1⁄10 ml feamainn - Lorg mi bilearach-mara air a’ chladach.
- 300 g de mhin-choirce agus a bharrachd dha làmhan agus bòrd.
- 1 Beagan salainn
- 1 Beagan sòda-arain
- 2 beag salainn creamha
- 1 ½ spàin de ìm no geir
- Uisge
Modh
- Nigh an fheamainn gu math agus ullaich e. Bhruich mise air praidh pan gus an do dh`fhàs e cruasbach.
- Cuir ann am bobhla 300g de mhin-choirce, salainn, shalainn creamha, sòda-arain.
- Cuir mun cuairt e gus am measgaich e agus cuir an dàrna taobh e.
- Cuir an fheamainn ann am sgeileid le spàin gu leth de gheir no ìm agus beagan uisge.
- Cuir mun cuairt e gus an tèid a leaghadh còmhla mus cuir thu min-choirce ris.
- Cuir na stuthan-bìdh còmhla gus am faigh thu air cruth balla a dhèanamh dheth.
- Cuir còmhdach min-choirce air do làmhan agus air a' bhòrd - cha bhi e cho dualtach steigeadh. Cuir do mheasgachadh sgaoilte a-mach air a bhòrd agus gheàrr pìosan ann an cearcallan no cumadh sam bith a bu mhath leat.
- An dèidh an gearradh cuir iad air praidh pan teth no greideil. A’ cumail sùil orra.
- Às dèidh 5-10 mionaidean tionndaidh iad agus bruich air an taobh eile iad 5-10 mionaidean
- Thoir air falbh e bhon teas iad agus leig leotha fuarachadh mus ith thu iad.