‘S e CLIMAVORE pròiseact fad-ùine ga stiùireadh le luchd-ealain aig Cooking Sections, le grunn phròiseactan air feadh an t‑saoghail a tha a’ freagairt air na làraichean aca. A’ sgrùdadh mar a dh’itheas sinn agus mac-an-duine ag atharrachadh na gnàth-shìde: sgrùdaidh CLIMAVORE dòighean ithe a fhreagras air atharrachaidhean àrainneachd a dh’adhbhraich daoine.
San Eilean Sgitheanach, tha ‘CLIMAVORE: Air Sgìrean-Tràghaidh’ a ’sgrùdadh buaidh àrainneachd tuathanachas-uisge bradan, agus a’ dèiligeadh ri cladaichean caochlaideach Phort Rìgh an Eilean a’ Cheò. Bheir e sùil air dòighean ithe a fhreagras air ath-nuadhachadh àrainneachd tro bhith a’ brosnachadh stuthan-bìdh a shoirbhicheas am measg nan dùbhlain ùra àrainneachd ann an uisgeachan na h‑Alba.
Tha ATLAS Arts air a bhith ag obair le Cooking Sections bho 2017 air ‘CLIMAVORE: Air Sgìrean-Tràghaidh’ le diofar chom-pàirtichean air feadh an Eilein Sgitheanaich agus Ratharsair.