Muinntireas Tobar an Dualchais & ATLAS Arts 2022

Màiri NicGillÌosa TAD 2021 residency

Tha sinn air leth toilichte innse gu bheil sinn a‑nis a’ gabhail ri tagraidhean airson muinntireas ATLAS | Tobar an Dualchais 2022, a bhios a’ gabhail àite as t‑samhradh.

Le taic-airgid luach £6,500, bithear ag iarraidh air an neach-ealain soirbheachail rannsachadh poblach fad dà mhìos (a dh’fhaodar a dhèanamh thairis air còig mìosan) a dhèanamh air tasglann didseatach Tobar an Dualchais/​Kist o Riches (TAD). Fosgailte do dh’eòlaichean cruthachail – luchd-ealain lèirsinneach agus claisneach aig a bheil ùidh ann am beul-aithris, tasglannan, fuaim agus/​no cultar na Gàidhlig nam measg – tha am muinntireas seo ag amas air com-pàirteachadh brìoghmhor ann an cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh, agus fuasglaidhean cruthachail agus sgrùdail a chur mu choinneimh ghnothaichean iomadh-fhillte co-cheangailte ri eachdraidh na Gàidhlig agus fèin-aithne chultarail.

S e goireas air-loidhne a th’ ann an TAD a tha ag amas air clàraidhean-fuaim de chultar na h‑Alba a ghleidheadh agus a bhrosnachadh. S e prìomh shusbaint a’ ghoireis seo òrain, ceòl, eachdraidh, bàrdachd agus sgeulachdan a chaidh a chlàradh bho na 1930an suas. Tha farsaingeachd mhòr de chuspairean anns na clàraidhean, leithid cheàirdean traidiseanta, òrain obrach agus seann sgeulachdan mun ghaisgeach Fionn MacCumhail.

Mar phàirt dhen mhuinntireas bidh àite an-asgaidh air cùrsa goirid TAD, Ceanglaichean Cruthachail, a bhios air a lìbhrigeadh le Sabhail Mòr Ostaig air 26 – 28 Iuchar 2022. Cuiridh luchd-com-pàirt eòlas air cuid dhe na seanchaidhean mòra a th’ anns an tasglann am pailteas, agus thèid an deisealachadh airson na clàraidhean a rannsachadh gu cùramach agus le barrachd tuigse. Bidh stiùirichean a’ chùrsa a’ cuideachadh luchd-com-pàirt ann a bhith a’ rannsachadh nan cothroman a dh’fhaodadh a bhith an lùib a’ ghoireis bho dhiofar sheallaidhean, a’ gabhail a‑staigh cruthachalachd ionadail, eag-eòlas cultarail agus mothachadh àrainneachd.

Tha cuireadh ga thoirt dhan neach-ealain soirbheachail an cùrsa seo a dhèanamh mar phàirt dhen mhuinntireas, agus a bhith ag obair còmhla ri ATLAS agus TAD gus an obair leasachaidh aca a thoirt gu aire a’ mhòr-shluaigh.

Tuilleadh fiosrachaidh mu Thobar an Dualchais an seo.

Loidhne-tìm a’ phròiseict

Ceann-latha airson tagraidhean: 10m Diluain 6 Ògmhios 2022

Brath dhan neach-ealain soirbheachail: Dihaoine 10 Ògmhios 2022

Cùrsa TAD air-loidhne, Ceanglaichean Cruthachail: 26-28 Iuchar 2022

Cinn-latha dhan mhuinntireas: dà mhìos eadar an t-Iuchar agus an t-Samhain 2022

Pàigheadh

Thathar a’ tairgsinn pàigheadh luach £6,500, agus buidseat luach £750 airson riochdachadh/siubhal, às an tig taisbeanadh poblach. Bidh cruth an taisbeanaidh seo gun chrìochan, ach dh’fhaodadh e bhith na thachartas air-loidhne, na phìos de sgrìobhadh cruthachail, na phìos fuaim no ann an cruth freagarrach eile.

Airidheachd

Comasach air an cùrsa a fhrithealadh

Comasan gu ìre anns a’ Ghàidhlig agus/no dlùth do chultar na Gàidhlig*

*Tha mòran dhe na clàraidhean air làrach-lìn TAD ann an Gàidhlig agus tha glè bheag de dh’eadar-theangachaidhean ri fhaighinn. Ged a tha làn fhios againn nach eil cultar na Gàidhlig stèidhichte a-mhàin air cànan, air adhbharan practaigeach bhiodh e na b’ fheàrr nam biodh beagan chomasan sa Ghàidhlig (sgilean tuigse, labhairteach, leughaidh agus sgrìobhaidh) aig an neach-ealain a thèid a thaghadh airson gun urrainn dhaibh a dhol an sàs anns na clàraidhean air an ceann fhèin.

Mar a nithear tagradh

Cuir tagradh goirid (gun a bhith nas fhaide na duilleag A4) air post-d, le iomradh air:

  • An ùidh a th’ agad ann an Tobar an Dualchais

  • Do chuid sgilean cruthachalachd, dòighean-obrach agus roinnean rannsachaidh

  • Co-dhiù as urrainn dhut a bhith an làthair aig a’ chùrsa trì-latha tro Zoom air 26-28 Iuchar

Faodaidh ceanglaichean do phìosan-obrach freagarrach a bhith na lùib cuideachd (làrach-lìn/meadhanan sòisealta/seann phròiseactan)

CRUTHAN EILE – an àite pìos sgrìobhaidh, faodaidh tu tagradh bhidio no clàradh-fuaim a chur thugainn, gun e a bhith nas fhaide na còig mionaidean a dh’fhaid.

Cuir tagraidhean gu: admin@atlasarts.org.uk ro 10m Diluain 6 Ògmhios 2022.

Mas urrainn dhuinn a dhèanamh nas fhasa dhut tagradh a chur a-staigh, no ma tha ceistean sam bith agad mu phròiseas nan iarrtasan, cuir fios do Katharine (Neach-cuideachaidh Rianachd agus Phrògraman) aig katharine@atlasarts.org.uk no air 01478 611143.